El ingenioso hidalgo don Quijote de la Mancha
An t-inntleachdach ridire morair Quijote na Mancha
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Miguel de Cervantes
Bliadhna Foillseachaidh 1605
Cànan Spàinntis
Dùthaich An Spàinn
Gnè-sgrìobhaidh Nobhail aoireil on Aois an Òir
Cuspair Ridirean
Suidhichte Miguel Esteban, El Toboso agus Villanueva de los Infantes

'S e nobhail aoireil Spàinntis, on Aois an Òir air a sgrìobhadh le Miguel de Cervantes[1] 's th' ann an El ingenioso hidalgo don Quijote de la Mancha (IPA: el iŋxeˈnjoso iˈðalɣo ðoŋ kiˈxote ðe la ˈmantʃa, Gàidhlig: An t-inntleachdach ridire morair Quijote na Mancha, seann dòigh-sgrìobhaidh: Quixote). Chaidh fhoillseachadh ann an 1605 ann am Madrid.[2] Suidhichte eadar Miguel Esteban, El Toboso agus Villanueva de los Infantes ann an Castilla (Castilla-La Mancha an latha an-diugh), 's e sgeulachd mu dheidhinn fhir a chailleas a shubhailcean an dèidh leabhraichean seann-fhansanta mu ridirean a leughadh. Thug an nobhail seo buaidh uabhasach fhèin làidir air litreachas na An Roinn-Eòrpa, leis gu bheil cuid dhen bheachd gur e an nobhail a b' fhèarr a chaidh a sgrìobhadh a-riamh. Ann an iomadh cànan tha am buadhair quixotach a' ciallachadh duine misneachdail ach neo-phractaigeach, duine a chì an saoghal mar a thogras e an àite mar a tha e gu dearbh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Otis H. Green. "El Ingenioso Hidalgo", Hispanic Review 25 (1957), 175–93.
  2. Oilthigh Harvard