B’ e Isidora Dolores Ibárruri Gómez neo La Pasionaria, (Gallarta, 9 an Dùbhlachd 1895[1]Madrid, 12 an t-Samhain 1989),[2] ceannard Poblachdach, tè-phoileataigs agus Comunnach à Dùthaich nam BasgachCogadh Sìobhalta na Spàinne. ‘S mathaid gu bheil i cho cliùiteach gus ar làithean airson na rinn i airson Dàrna Poblachd na Spàinne a dhìon agus an t-sluagh-ghairm ainmeil aice ¡No Pasarán! ("Cha tèid iad seachad") ri linn Cath Mhadrid.[3] Ged an robh i na Chaitligeach rìoghaire (Spàinntis: Carlista) nuair a bha i òg,[4] dh’fhàs i a bhith na neach-dèanadais cathail is i airson ar-a-mach comannach, is fiù 's fhuair i ballrachd Pàrtaidh Comannach na Spàinne (Spàinntis: Partido Comunista Español) nuair a chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an 1921. Fad na 30an sgrìobhadh i ann am Mundo Obrero[5] (Gàidhlig: Saoghal nan Luchd-obrach), pàipeir-naidheachd a’ phàrtaidh fhèin. Chaidh i a thaghadh mar bhall-pàrlamaid airson Asturias anns An Gearran 1936 ri linn an dàrna Poblachd.[6] B’ fheudar dhi an dùthaich fhàgail aig deireadh a’ chogaidh.[7] Dh’ainmicheadh Ibárruri Ceannard Comataidh Mòr a’ Phàirtidh, dreuchd a chumadh i bho 1942 gu ruige 1960.[8] A bharrachd air sin, bha i na ceann-suidhe onorach nan Comannach Spàinnteach fad a beatha cuideachd. Nuair a dh’fhaodadh i a thilleadh gus An Spàinn ann an 1977,[9] chaidh i a thaghadh a-rithist airson an aon sgìre. Thathar ag ràdh daonnan gur e tè dhe na h-òraidichean na b’ fheàrr na 20mh Linn a bh' innte. Thog na aonaidhean-ciùird càrn-cuimhne air a son ann an Glaschu.[10][11] Bha Spàinntis aice.[12]

Dolores Ibárruri
Dolores002.jpg
Member of the Cortes republicanas (en) Translate

26 dhen Ghearran 1936 - 2 dhen Ghearran 1939
Sgìre: Oviedo (en) Translate
Prìomh-rùnaire Pàrtaidh Comannach na Spàinne

20 dhen Mhàrt 1942 - 3 dhen Iuchar 1960
José Díaz (en) Translate - Santiago Carrillo (en) Translate
ball Còmhdhail Tagraichean na Spàinne

7 dhen Iuchar 1977 - 2 dhen Fhaoilleach 1979
Sgìre: Asturias (en) Translate
Taghadh: 1977 Spanish general election (en) Translate
Beatha
Ainm slàn Isidora Ibárruri Gomez
Breith Gallarta agus Abanto y Ciérbana-Abanto Zierbena (en) Translate, 9 dhen Dùbhlachd 1895
Dùthaich  An Spàinn
 An t-Aonadh Sobhiatach
Bàs Hospital Universitario Ramón y Cajal (en) Translate agus Madrid, 12 dhen t-Samhain 1989
Àite-adhlacaidh Cladh Catharra Mhadrid
Nàdar a’ bhàis  (am fiabhras-clèibhe)
Teaghlach
Cèile Julián Ruiz Gabiña (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam normal school (en) Translate
Àrd-fhoghlam Doctor of Sciences (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, neach-naidheachd agus neach-iomairt
Àitichean-obrach Madrid
Duaisean a fhuaras
Far-ainmean La pasionaria
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Comannach na Spàinne
IMDb nm0406459

DealbhanDeasaich

Ri leughadhDeasaich

  • Dolores Ibarruri (1976). El único camino. Moscú: Progreso. Reedición Editorial Castalia.ISBN 84-703-9661-7.
  • Rafael Cruz (1999). Pasionaria, Dolores Ibarruri, historia y símbolo. Madrid: Biblioteca Nueva. ISBN 84-703-0741-X.
  • Dolores Ibarruri (1985). Memorias. Barcelona: Planeta. ISBN 84-703-0741-X.
  • Teresa Pamiés (1976). Una española llamada Dolores Ibarruri. Barcelona: Martínez Roca.
  • Manuel Vázquez Montalbán (1995). Pasionaria y los siete enanitos. Barcelona: Planeta.

IomraidheanDeasaich

  1. EROJ
  2. ABC
  3. El Correo
  4. EROJ
  5. EROJ
  6. La Opinión
  7. EROJ
  8. La Opinión
  9. La Vanguardia
  10. Comhairle Ghlaschu
  11. STV
  12. El Correo