Hi, Eimhir, fàilte an seo. Tha deasbad a' dol ann ann an Deasbaireachd na roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig. Bhiodh e fìor mhath beachdan eile fhaighinn.--Sionnach (talk) 20:32, 27 dhen Chèitean 2014 (UTC)Reply

Hi, a Shionnaich, chan eil mise buileach ùr, 's mise Petra (tè à Poblachd na Seice), ach cha robh mi airson an sloinneadh agam a chleachdahd tuilleadh, agus ghluais mi gu far-ainm seo. Chuir mi mo bheachdan ann agus tha mi 'n dòchas gum bi sinn a' dèanamh rudan a tha nas tarbhaiche airson Uicipeid na tha na h-argamaidean seo a dh'aithghearr.

Roinn-seòrsa

deasaich

Is math d' fhaicinn an seo a-rithist!

Tha fear ann Roinn-seòrsa:Sgoilearan na Gàidhlig, is dòcha gu bheil sin freagarrach dhut. Ach ma tha thu ag iarraidh fear eile, innis dhomh dè an t-ainm a tha thu ag iarraidh airson "Gaelic scholars",agus nì mi e. An uair sin chì thu mar a rinn mi sin.

Is dòcha gu bheil an duilleag seo inntinneach dhut cuideachd Cànanachas na Gàidhlig. --Sionnach (talk) 08:27, 14 dhen Ògmhios 2014 (UTC)Reply

Bàird Ghàidhlig

deasaich

Hi Eimhir, faic an seo: [1]. Chuir mi roinn-seòrsa ùr air dòigh: Roinn-seòrsa:Bàird air a bheil ainm air nòs Gàidhealach airson òrdugh a rèir ciad ainmean/ far ainmean. Bidh an seann Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig ann airson òrdugh a rèir sloinneadh. Air sgàth 's nach eil mi cho eòlach air na bàird Gàidhlig, bhiodh e math, ma chuireas tu no Caoimhin na h-ainmean ris an roinn-seòrsa ùr cuideachd. --Sionnach (talk) 22:09, 23 dhen Ògmhios 2014 (UTC)Reply

Taing mhòr airson an sgioblachaidh:-)
Puing beag eile: Airson daoine mar Seòras Bochanan bhiodh e math duilleag ath-sheòl a chruthachadh leis an ainm Beurla aca. Mar seo: George Buchanan le #REDIRECT [[Seòras Bochanan]] --Sionnach (talk) 18:48, 25 dhen Ògmhios 2014 (UTC)Reply

Ratharsair

deasaich

Hi Eimhir, chruthaich mi Roinn-seòrsa:Ratharsair leis an dòchas gu bheil sin a' còrdadh riut. Mòran taing airson na h-aistean agad mu eilean a tha cho inntinneach. Le deagh dhùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 21:24, 10 dhen Dàmhair 2014 (UTC)Reply

Ceanglaichean a-muigh/iomraidhean

deasaich

Hai! 'S toil leam an obair a tha thu a' dèanamh an seo! Gu h-àraid gu bheil thu a' toirt an aire air iomraidhean – rud a tha gann air iomadh duilleag fhathast. Tha aon phuing a bha mi airson a thogail leat ged-ta – cha toil le Wikipedia 'bare links' – siud nuair a bhios ceanglaichean a nochdadh mar http://www.bbc.co.uk an àite BBC. Chunna mi air an duilleag Seonaidh Beag Mac a' Mhaoilein gun do nochd siud anns na h-iomraidhean. Dh'atharraich mi iad, a' leantainn an aon rud a rinn thu fhèin anns na ceanglaichean a-muigh. Tha mi ag ràdh siud a bhith gad chuideachadh anns a bhith deasachadh gu sgiobalta, chan ann a bhith do chàineadh! :) Cùm ort leis an obair mhath! Thisissusanbell (an deasbaireachd) 15:46, 14 dhen Dàmhair 2014 (UTC)Reply

Haidh! Tha mi dìreach air mo nàrachadh gu bheil mi air a bhith cho slaodach a' freagairt, tha mi air a bhith gu math trang anns an oilthigh, ach mòran taing airson do bhrath, nì mi mo dhìcheall "bare links" a sheachnadh bho seo a-mach :) Cuideachd, 's toil leam an obair a tha thusa a' dèanamh ann a sheo, agus tha mi an-còmhnaidh toilichte agus taingeil nuair a tha thu a' leasachadh na h-aistidhean a thòisich mi. --Eimhir (an deasbaireachd) 21:14, 8 dhen Dùbhlachd 2014 (UTC)Reply

Sandbox

deasaich

A charaid,

Thathas a' beachdachadh air 'sandbox' a chur an gnìomh air an Uici. Chì thu an seo am fear a th' agam air Uici na Beurla.

Ma tha thu toilichte gun tèid 'sandbox' a chur an gnìomh, nach cuir thu d' ainm sìos air a' bhòt an seo.

Cuideachd, an dèan thu bhòt airson ainm Gàidhlig a chur air 'sandbox' as dèidh an deasbaid an seo.

Airson d' ainm a chur sìos, cuir rionnag (*) agus ceithir tilde (Emain Macha (an deasbaireachd) 15:11, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)) a-steach agus chithear d' ainm agus stampa-tìde 'na àite an uairsin. Dùinidh am bhòtadh Dihaoine.Reply

Mòran taing, Emain Macha (an deasbaireachd) 15:11, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

You are invited!

deasaich
 
You are invited...
 

The Celtic Knot: Wikipedia Language Conference - Programme now live.

  • Hosts: The University of Edinburgh and w:Wikimedia UK
  • Supporting: Celtic & Indigenous Languages.
  • Objective: The main objective for Celtic Knot 2017 is the coming together of practitioners in the same room at same time; strengthening the bonds of those working to support language communities into a 'knot' and leading into action. Attendees can expect to learn about and discuss innovative approaches to open education, open knowledge and open data that support and grow language communities.
  • Date: 6 July 2017 - Booking is now open.

Stinglehammer (an deasbaireachd) 23:45, 16 dhen Chèitean 2017 (UTC)Reply