Droigheann
Fàilte air ais!
deasaichDroigheann a charaid, Fàilte air ais à Uicipeid! Tha mi 'n dòchas gun còrd e riut an leabhar-eòlais seo a thogail còmhla rinn. Ma tha ceistean sam bith agad, nach cuir thu fios thugamsa air an duilleag deasbaireachd agam, no air Doras na Coimhearsnachd far an faic an luchd-cleachdaidh eile teachdaireachdan. 'S dòcha gum bi e feumail dhut cuideachd am fiosrachadh ann an Cobhair agus Poileasaidhean a leughadh. Gura math a thèid leat! Emain Macha (an deasbaireachd) 20:28, 11 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Tapadh leat a charaid. --Droigheann (an deasbaireachd) 21:53, 11 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
Ainmean
deasaichHalò. Nuair a chruthaich mi duilleagan airson Tavish Scott agus Patrick Harvie, chleachd mi na cruthan Gàidhlig o, m.e. http://www.parliament.scot/PublicInformationdocuments/Your_MSP_foldout_-_H_and_I_-_Gaelic_-_Nov_2016_-_web.pdf agus http://www.parliament.scot/PublicInformationdocuments/Your_MSP_foldout_-_Glasgow_-_Gaelic_-_Nov_2016_-_web.pdf - cha do chleachd mi cruthan gun fianais! CreagNamBathais (an deasbaireachd) 15:07, 11 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)
- Seadh, ach tha am poileasaidh ag ràdh (puing 3)c) "seachnaidh sinn ainmean measgaichte mas urrainn ach ma tha fear ann a tha fìor stèidhichte", agus nam beachd-sa chan eil na dhà "fìor stèidhichte", gu h-àraidh "Tàmhais Scott'". Feumaidh mi aideachadh gur dòcha gum biodh beachdan aig dheasaichean eile mu dheidhinn "Pàdraig Harvie" feumail ge-tà. --Droigheann (an deasbaireachd) 15:45, 11 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)
- Chan eil argamaidean làidir agam airson Tàmhais Scott, ach tha am BBC a' cleachdadh "Pàdraig Harvie" bitheanta: https://www.google.co.uk/search?q=p%C3%A0draig+harvie+site%3Abbc.co.uk CreagNamBathais (an deasbaireachd) 15:54, 11 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)
- Fichead ceanglaichean, ochd dhiubh ris a' Bhlog Phoilitigeach le aon dhuine; ceithir ceanglaichean air son Phatrick [1]. Fìor stèidhichte? Chan eil nam beachd-sa, ach ma tha nad bheachd-sa, faodaidh tu fhaighneachd do dhaoine eile ann an Talla a' Bhaile dè na bheachdan acasan. ('S dòcha gum biodh sin "test case" feumail co-dhiù.) --Droigheann (an deasbaireachd) 16:17, 11 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)
- Chan eil argamaidean làidir agam airson Tàmhais Scott, ach tha am BBC a' cleachdadh "Pàdraig Harvie" bitheanta: https://www.google.co.uk/search?q=p%C3%A0draig+harvie+site%3Abbc.co.uk CreagNamBathais (an deasbaireachd) 15:54, 11 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)
Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gu dearbha spéis a toirt do mhiann agus cleachdadh an duine fhéin a thaobh ainm sa Ghàidhlig. Ach gu fortanach tha seirbheis na Gàidhlig aig a' Phàrlamaid a’ dèanamh na dearbh obrach seo, a’ faighneachd de gach BPA dé an t-ainm a b’fhearr leis no leatha anns a’ Ghàidhlig - Nach math sin! - agus tha iad a’ foillseachadh an liosta air làraich-lìn na Pàrlamaid aig http://www.parliament.scot/Gaelic/Members_names_english_order.pdf. Chìthear mar eisimpleir Alasdair Allan, BPA nan Eilean Siar agus am ministear aig a bheil cùram na Gàidhlig, gum b’fhearr leis bhith ’na “Alasdair Allan” sa Ghàidhlig seachas “Alasdair MacAilein”. Dh’atharraich mi fhìn ainm na duilleig Uicipeid aige air sgàth sin. B’fhearr le Bill Walker bhith ’na “Bill Walker” sa Ghàidhlig seachas “Uilleam Mac an Fhucadair”. Tha John Finnie ge-tà ag iarraidh bhith ’na “Iain Ó Finnaí”. Tha Alex Johnstone ag iarraidh bhith ’na “Ailig Johnstone” seachas “Alex Johstone” no “Ailig MacIain” no “Alasdair Johnstone”. Chithear gu bheil Patrick Harvie agus Tavish Scott toilichte le “Pàdraig Harvie” agus “Tàmhais Scott”. Mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gum bu chòir dhuinn na h-ainmean sin a chleachdadh. Is dòcha gum biodh e math nam biodh siiud sgrìobhte sa pholasaidh - airson BPA, gun cleachd sinn na h-ainmean Gàidhlig bhon liosta aig a’ Phàrlamaid fhéin? --Caoimhin (an deasbaireachd) 16:35, 12 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)
You are invited!
deasaichYou are invited... | |
---|---|
The Celtic Knot: Wikipedia Language Conference - Programme now live.
|
Stinglehammer (an deasbaireachd) 23:45, 16 dhen Chèitean 2017 (UTC)
Fàilte agus Tiotalan nan Duilleagan
deasaichDroigheann a charaid, Fàilte air ais! Tapadh leat airson na h-obrach a tha thu a' cur ris an Uici.
- A bheil thu ann an Alba? Tha mi a' cur thachartasan air dòigh a-nise (bùthan-obrach & làithean deasachaidh). Ma tha thu ag iarraidh fear san sgìre agad, cuir teachdaireachd no post-d thugam.
- Tha ceist agam mu na duilleagan a tha thu air a bhith gluasad leithid Platon > Plátōn, Sokrates > Sokrátīs.
Chan eil mi cinnteach gur e an taghadh as fhearr an t-ainm bho thùs a chleachdadh seach an t-ainm mar as fhearr a dh'aithnichear iad. Air an dàrna làimh, 's e mar as fhearr a dh'aithnichear iad litreachadh na Beurla mar as trice. Ach 's e seo an saoghal anns a bheil sin beò agus co-dhiù leughaidh luchd na Gàidhlig litrichean a dh'aithnicheas iad seach 'ō' is a leithid.
Air an làimh eile, tha an t-ainm tusail a' taisbeanadh beartas dualchas na cruinne, ach gu h-àraid nuair a tha iad ann an litreachan nach aithnichear, tha am fiosrachadh doilleir.
B' fhearr leam tiotal na duilleige fhàgail mar as fhearr a dh'aithnichear agus an t-ainm eile a' cur san aiste: Homer (Greugais: Όμηρος no Ómīros). Chithear ann an DASG gun do sgrìobh na Gaidheil 'Homer', 'Plato', msaa. (Lorg mi 'Bhirgil' cuideachd!)
Cuiridh mi fàilte air do bheachdan agus argumaidean nam aghaidh ;) B' urrainn dhuinn poileasaidh tiotalan nan duilleagan a leasachadh gus am bi an Uici air an aon ràmh. --Susan.nls (an deasbaireachd) 08:42, 24 dhen Chèitean 2017 (UTC)
- Hallò a charaid! Gu mì-fhortanach, chan eil mi a' fuireach an Alba ach ann am meadhan na Roinn-Eòrpa.
- Na h-ainmean: Tha poileasaidh ann a-cheana, Uicipeid:Ainmean is sloinnidhean, agus tha mi dìreach a' feuchainn na h-aistean ag atharrachadh 's gum biodh iad a rèir na poileasaidh sin. Cuideachd, dar a ghluaiseas mi duilleag, cruthaichidh sin ath-threòrachadh: mar sin, ma tha duine a' sireadh "Homer", lorgaidh e sin, ged a bhiodh e air ath-threòrachadh gu "Ómīros". 'S e sin as coireach gum bi mi a' fàgail na h-ainmean Beurla (a-staigh eadar-ràdhan) aig Uicipeid:Aistean a dh'fheumas a h-uile uicipeid: bu chòir dha na ath-threòrachaidhean a bhith ann. Faodaidh mi aideachadh, ge-tà, gun dìochuimhich mi an-dràsta 's a-rithist an t-ainm Beurla a' fàgail taobh an ainm thùsail san teagsa fhèin, dar a ghluaiseas mi aiste; feuchaidh mi a bhith nas cùramaiche mu dheidhinn seo.
- Eadar dà sgeul, fàgaidh mi ainmean Sìonach, Seapanach no Innseannach sa chruth Bheurla, oir nach eil mi eòlach idir idir air na cànan sin, ach cha chreid mi nach bu chòir iad a bhith air an atharrachadh a rèir ISO-than iomchaidh mar an ceudna, ma bhios cuidegin comasach is deònach air sin a dhèanamh. --Droigheann (an deasbaireachd) 09:39, 24 dhen Chèitean 2017 (UTC)
- Aah! Earrann 2b sa phoileasaidh! - gabh mo leisgeul, ged a leugh mi am poileasaidh roimhe cha robh cuimhne ach mar a dhèiligeas e ri cruthan Gàidhlig. Chan fhosgail mi an deasbad a-rithist a thaobh a' phoileasaidh. Cuiridh mi an t-ainm Beurla ri taobh an ainm thùsail san teagsa fhèin ma chì mi gu bheil e a dhìth cuideachd. --Susan.nls (an deasbaireachd) 08:24, 25 dhen Chèitean 2017 (UTC)