Dòmhnall MacPhilip
Dòmhnall MacPhilip (Faoilleach 1926 - 2004), do Bheàrnaraigh na Hearadh.
Dòmhnall MacPhilip | |
---|---|
Beatha | |
Breith | 15 dhen Fhaoilleach 1926 |
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) |
Bàs | 26 dhen Lùnastal 2015 |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |
Chuir e seachad tòrr dhe bheatha ann an Gleann Comhann. 'S e bàrd ealanta a bh' ann aig an robh comasan ciùil cuideachd agus chleachd e a chuid thàlantan airson tòrr òrain Ghàidhlig ùra a chur ri chèile.
Aig àm an Dàrna Cogaidh Mhòir, chaidh e do Chabhlach an Rìgh. A dh'aindeoin seirbheis a thug e air na h-Atlantic Convoys, thàinig e sàbhailte às. Bha Dòmhnall ann an obraichean eadar-dhealaichte an dèidh a' chogaidh. Thug e 25 bliadhna na mhaor-sìth an Glaschu agus thug e greis aig Oifis nan Cìsean. Bha e aig obair na h-ola ann an Àird nan Saor agus bha e ag obair ann am banca an Inbhir Nis.
Òrain
deasaich'S e Coill' an Fhàsaich an t-òran as ainmeile a rinn e. Rinn BBC Radio nan Gaidheal prògram mu dheidhinn ann an 2015.
Foillseachaidhean
deasaich- 2008. Dòmhnall MacPhilip. Coille an Fhàsaich: the Gaelic songs and poems of Donald MacKillop. e-th. le Anne Lorne Gillies (2008). (Dunlop: Brìgh) ISBN 9780956087706.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-muigh
deasaich- Cunntais-beatha aig Bliadhna nan Òran.
- Sàr-Òrain - Coill' an Fhàsaich. BBC Radio nan Gaidheal ("Anns a' phrògram seo cluinnear beagan mu bheatha Dhòmhnaill, na bhriathran fhèin, agus mun sgeulachd air cùlaibh an òrain bhrèagha aige air a bheil daoine fhathast cho measail.")