Cucunubá
Cucunubá
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cundinamarca | ||||
Sgìre | Gleann Ubaté | ||||
Àirde | 2590m | ||||
Co-chomharran | 05' 15' 11' Tuath 73° 53' 51' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 112 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 7,013 (2005) | ||||
Dlùths | 62.62/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Cucunubá. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 2,590m os cionn ìre na mara agus 88km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann an Cucunubá, agus tha teodhachd mu 14.6˚ thar cheann aige.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha dìreach 1,156 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 8,056, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cucunubá, ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 0.5% Tùsanaich. 'S urrainn dhan 92% dhe na daoine ann an Cucunubá leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 5.5% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Cucunubá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis na Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
deasaichJorge Eliecer Gaitán (1903 - 1948): Tagraiche do Cheannas na dùthcha a chaidh a mharbhadh.