'S e dèideag thradaiseanta a tha ann an coileach-gòthan a ruitheas leis a' ghaoth. 'S e wind tumbler no wind cockerel a tha aig cuid a dhaoine air sa Bheurla. Tha an abairt a' gearradh bhoc mar choileach-gòthan stèidhichte air an dèideag seo 's e a' ciallachadh gu bheil rudeigin a' leum 's a' bocadh air feadh an àite gu luath 's gun stad.

A' leigeil às coileach-gòthan air tràigh a' Bhaile Shear

Ann an Alba, thathar a' stobadh iteagan a-steach do bhuntàta agus 'ga leigeil às air an tràigh an uairsin.

Àitichean eile

deasaich

Tha dèideagan d' a leithid cumanta ann an dùthchannan eile far a bheil gaoth a ghnàth agus talamh rèidh, mar eisimpleir ann an Afghanastàn. Thug na dèideagan seo brosnachadh do mhuinntir a' phròiseict Mine Kafon innealan a dhealbhadh a chlìoras mèinnean-talmhainn mar a chithear sa video ghoirid seo air Vimeo: Mine Kafon

Faic cuideachd

deasaich