Bàta-siolastair
'S e bàta beag a tha air a dhèanamh de dhuilleag a tha ann am bàta-siolastair. Gabhaidh diofar duilleagan a chleachdadh air an son fhad 's a tha iad caol 's fada gu leòr. Ann an Alba, 's e duilleagan siolastair a chleachdar ach ann an àitichean eile, mar eisimpleir ann an Lochlann, cleachdar duilleagan cuilce agus san t-Sìn agus san t-Seapan duilleagan cuilc-Innseanaiche.
Ann an cànain eile
deasaich- Fionnlannais: kaislavene 'bàta cuilce'
- Gearmailtis: Schilfblattboot 'bàta duilleag cuilc-Innseanaiche'
- Seapanais: 竹葉舟 'bàta duilleag cuilc-Innseanaiche'
- Sìnis: 竹葉舟 'bàta duilleag cuilc-Innseanaiche'
- Spàinntis: barco de hoja de caña 'bàta de dhuilleag cuilce'
- Suainis: vassbåt 'bàta cuilce'
'Ga dhèanamh
deasaichMar is trice, nithear rudeigin coltach ris na leanas airson bàta-siolastair a dhèanamh:
- Lùbar dà cheann na duilleige os cionn a chèile
- Reubar an duilleag air dà thaobh na prìomh-aisne aig an dà cheann
- Paisgear na pìosan reubte a-steach dha chèile, a' dèanamh ceann-toisich is crann-deiridh
- Paisgear seòl 's slìobar an ceann caol a-steach dhan chrann-deiridh.
Bàta-luachrach
deasaichTha nàdar de bhàta mar sin ann cuideachd a nithear de luachair, leis an luachair 'ga thoinneamh ann an cruth bàta 's ceann dheth a' stobadh an àirde mar sheòl. Chan ionnann iad seo is bàtaichean-luachrach mòra a gheibhear ann an Aimeireaga a Deas is cuid a dhùthchannan eile.