Chiquinquirá
Chiqinquirá
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Boyacá | ||||
Àirde | 2556m | ||||
Co-chomharran | 5° 37' 08 Tuath 73° 49' 12 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 133 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 55,486 (2005) | ||||
Dlùths | 417.19/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile |
'S e baile meadhanach ann am Boyacá,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Chinquinquirá. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 2,556m os cionn ìre na mara agus 120km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann an Chiquinquirá, agus tha teodhachd mheadhanach dhe 14.3˚ aige.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1810. Tha Chiquinchirá gu math ainmeil air feadh na dùthcha mar phrìomh-bhaile na h-Eaglaise.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 47,498 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ged a tha 55,486 a’ fuireach ann air fad, a' gabhail a-steach nan clachan anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Chiquinchirá, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn do 96.9% nan daoine ann an Chiquinquirá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 391% nan dachannan.[6]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Chiquinchirá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis na Neo-eisimeileachd:
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean A-mach
deasaich