'S e beinn mhòr no aonach ann an Gleann Comhann air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Buachaille Èite Beag, Beurla: Buachaille Etive Beag. Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon ear-thuath dhan iar-dheas. Tha dà Bheinn Rothaich air: Stob Coire Raineach (925 m) agus Stob Dubh (958 m). Tha e suidhichte san deas air an rathad A82 tro Ghleann Comhann agus san iar de Bhuachaille Èite Mòr. Tha mullach eile air, eadar an dà mhullach eile, a tha 902 m de dh'àirde.

Buachaille Èite Beag

Buachaille Èite Beag bhon iar-dheas
Àirde (m) 958
Àirde (tr) 3,143
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Buachaille Èite Beag is located in Alba
Buachaille Èite Beag
Buachaille Èite Beag (Alba)
Suidheachadh Gleann Comhann
Mapa cumadh-tìre Landranger 41
Comharradh-clèithe NN17915353

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A82, agus a' dìreadh bhon iar-thuath dhan bhealach eadar an dà bheinn. Dh'fhaodadh an uair sin an dà bheinn a shreap agus tilleadh an aon rathad[1].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Buachaille Èite Mòr, Bidean nam Bian, An t-Aonach Eagach, Beanntan Ceann Loch Lìobhann, Beinn Nibheis, agus am Blackwater Reservoir.

Iomraidhean

deasaich
  1. Buachaille Èite Beag air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: