An t-Aonach Eagach
'S e aonach beinne ann an Gleann Comhann air Gàidhealtachd na h-Alba a th' anns an Aonach Eagach. Tha deich mullaichean air, dà dhiubh nam Beanntan Rothaich: Meall Dearg agus Sgorr nam Fiannaidh. Tha an druim a' sìneadh bho thaobh an ear gu taobh an iar, agus tha e eadar Loch Lìomhann agus Devil's Staircase, air taobh tuath Ghleann Comhann.
Coiseachd
deasaichTha dà chothrom ann dìreadh air an druim seo, aon bho Alt na Feadh air Devil's Staircase, agus aon dhiubh nas fhaide san iar a' dìreadh dhan Bhodach. Tha sreap an aonaich seo ainmeil mar aon de na chuairtean beinne as duilghe ann an Alba, air sgàth 's nach gabh e dèanamh le sgilean coiseachd a-mhàin, ach tha sgilean streap a dhìth ged nach cleachdar an-còmhnaidh ròpaichean. Tha an t-Aonach caol agus cas aig amannan. Bithear a' cromadh dhan ear bho Sgorr nam Fiannaidh, chan ann tro gil Chlachaig[1].
Sealbh
deasaich'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha An t-Aonach Eagach, mar phàirt de oighreachd Ghleann Chomhann[2].