Am Monadh Neagrach
Is e dùthaich ann an ear-dheas na h-Eòrpa a tha ann Am Monadh Neagrach[1] neo Montenegro[2] (Sèirbis: Crna Gora, IPA: /'t͡sr̩na: 'ɡɔra). Tha crìochan aige san iar-thuath le Bosna agus Hearsagobhana, san iar le Croàisia, sa deas le Albàinia, san ear le cosobho agus san ear-dheas leis An t-Sèirb. Tha am Monadh Neagrach suidhichte aig a' Mhuir Mheadhanach. Bha am Monadh Neagrach neo-eisimeileach gu 1918. An dèidh sin bha i na pàirt Iùgoslaibhia. Nuair a bhris an Iùgoslabh às a chèile anns na 1990an, bha aonadh ann eadar an t-Sèirb agus am Monadh Neagrach. Ach ann an 2006 chaidh am Monadh Neagrach a stèidheachadh mar stàit leatha fhèin. Tha Podgorica na phrìomh-bhaile na Poblachd.
Црна Гора Crna Gora | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Gearradh-arm |
![]() | |
Laoidh Nàiseanta | |
Oj, svijetla majska zoro "Oh, Bright Dawn of May" | |
Cànan(an) oifigeil | Sèirbis |
Mion-chànan(an) | Bosnais, Albàinis is Croatais |
Prìomh-bhaile | Podgorica |
Baile as motha | Podgorica |
Riaghaltas | Poblachd le ceann-suidhe |
Ceann-suidhe | Milo Đukanović |
Prìomh-mhinistear | Zdravko Krivokapić |
Neach-labhairt | Aleksa Bečić |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon t-Sèirb is Monadh Neagrach |
2006 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 13,812 km² (160mh) |
Uisge | 1.5 % |
Àireamh-shluaigh (2008) | |
Iomlan | 678,177 (162mh) |
Dlùths | 50/km² (121mh) |
LTD/CCC (2006) | |
gach pearsa | $3,800 |
Roinn tìde | CET (UTC+1) |
as t-samhradh | CEST (UTC+2) |
Ruith-airgid | Euro |
Prìomh àrainn-lìn | .me |
Còd Àireamh fòn | 382 |
IomradhDeasaich
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)