Boadilla del Monte
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Madrid
Sgìre Madrid
Co-chomharran 40° 24 25' Tuath
03° 52 30' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 42.20 km²
Àireamh-shluaigh 49,762 (2016)
Dlùths 1,179.19/km²
Àireamh fòn + 34 916
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhanach faisg air Madrid ann an cridhe na Spàinne a th’ ann am Boadilla del Monte (IPA: [bo.aˈðiʎa ðel ˈmonte). Tha e suidhichte eadar Pozuelo de Alarcón agus Brunete, aig 682m os cionn ìre na mara,[1] shuas anns na Beanntan Guadarrama. Chan eil am baile seo ach 15km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, far a bheil mòran a tha a' fuireach ann ag obair.[2] Tha 49,762 daoine a’ fuireach ann am Boadilla del Monte,[3] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann am Boadilla del Monte.

Eachdraidh

deasaich

B' e na h-Arabaich a chruthaich am baile o chionn còrr is mìle bliadhna, leis gu robh an sgìre air fad fo bhuaidh nam Muslamach gu ruige 1085.[4] Bha am baile ann an teis-mheadhain Cogadh Sìobhalta na Spàinne agus fiù 's chaochail a' chiad Ghàidheal a chaill a bheatha sa chogadh an seo, a' dìon Mhadrid bho na Faisistich. B' e Tomás Patten an t-ainm a bh' airsan.[5]

Iomraidhean

deasaich
  1. Aemet
  2. Distance From To
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Arte e Historia[dead link]
  5. Ireland's CW

Ceanglaichean A-mach

deasaich