Blàr Sliabh a' Chlamhain

blàr ann an Alba, 1745

Chaidh am blàr seo a chur tràth sa mhadainn air an 21mh dhen t-Sultain 1745, faisg air Tranent an Lodainn an Ear, Alba. B' e seo a' chiad bhlàr an Ar-a-mach nan Seumasach, 1745-1746.

Cartùn co-aimsireil a' sealltainn an Seanalair Cope a' dol na dheann air muin eich gu geataichean Bearaig, le naidheachd a ruaige fhèin

B' iad an luchd-cogaidh: na Seumasaich, leis a' Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart aig an ceann is iad fo smachd a' Mhorair Sheòrais Mhoireach agus Diùc Pheairt; agus feachd Riaghaltas Bhreatainn an Alba, fo smachd an t-Seanalair Cope.

Bha Cope air adbhanns a dhèanamh chun na h-àirde an iar bho Dùn Barra; agus am feachd Seumasach ga fheitheamh an Dùn Èideann. Thàinig an dà arm mu choinneamh a chèile faisg air Seton House, a tha fhathast na sheasamh, ann an Sliabh a' Chlamhain.

Thug arm a' phrionnsa ionnsaigh garg air feachdan an riaghaltais goirid às dèidh briseadh-latha; bha iad a' dol le bruthach, agus bhris an dol-sìos aca loidhnichean an airm deirge ann am fìor chorra mhionaidean. Bha call mòr am measg saighdearan Rìgh Deòrsa, agus chaidh an ruagadh le na Seumasaich.

Tuilleadh leughaidh - Gàidhlig deasaich

Tuilleadh leughaidh - Beurla deasaich

  • Tomasson, Katherine & Buist, Francis, "Battles of the '45", Pan Books (1967)