Bistrița
Bistrița Beszterce Bistritz
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Bistrița-Năsăud | ||||
Co-chomharran | 47° 08 28' Tuath 24° 30 27' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 145.47 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 75,076 (2011) | ||||
Dlùths | 516.09/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 63 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile eadar Baia Mare agus Târgu Mureș, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann am Bistrița (IPA: ˈbistrit͡sa, Ungairis: Beszterce, IPA: ˈbɛstɛrt͜sɛ, Gearmailtis: Bistritz/Bästerts). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Bistrița fhèin, aig 365m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Bistrița-Năsăud. Tha 75,076 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
deasaich'S ann às an fhacal bystrica (Gàidhlig: sruth luath) ann an Slabhais 's a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Dacia. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1241 mar Markt Nosa anns an Codex Echternach. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Bistrița nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[3] Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[4] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e.
Daoine ainmeil
deasaich- Andrei Mureșanu (1816 - 1863)
Bailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, Köhln/Weimar/Vienna, 2003.
- ↑ Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung], Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.