Beinn Liath Bheag
Co-chomharran: 57°43′04″N 4°57′05″W / 57.717693°N 4.951424°W
'S e beinn ann an Alba a th' ann am Beinn Liath Bheag. Tha e suidhichte ann am Frìth Fanaich ear air Loch a' Ghlais-Chàrnaich air a' Ghàidhealtachd. Tha Beinn Liath Mhòr Fanaich agus Loch Sgeireach air an iar-dheas. Tha Beinn Liath Bheag 664m (2178 troigh) de dh'àirde.[1] 'S e Graham a th' ann.
Beinn Liath Bheag | |
---|---|
Sealladh air Beinn Liath Mòr is Beinn Liath Bheag | |
Àirde (m) | 664 |
Àirde (tr) | 2178 |
Àirde rinneach (m) | 128 |
Màthair-mhullaich | Beinn Liath Mhòr Fanaich |
air liosta | Graham, Hump |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Fanaich |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (20) OS Explorer (436S) |
Comharradh-clèithe | NH243736 |
Tha beinn eile ann leis an dearbh ainm, Beinn Liath Bheag (609m) a tha suidhichte deas air Meall na Speireig is Beinn Liath Mhòr a' Ghiubhais Lì.
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Beinn Liath Bheag san 10. 12. 2012.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)