Bearaig (baile)
(Air ath-sheòladh o Bearaig a Deas)
Co-chomharran: 55°46′16″N 2°00′25″W / 55.771°N 2.007°W
Bearaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Sasainn |
Sgìre | Northumberland |
Co-chomharran | 55° 46′ 16″ T 2° 0′ 25″ I |
Comharradh-clèithe | NT996531 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 13,265[1] (2011) |
'S e baile ann an Sasainn a Tuath a tha ann am Bearaig (Beurla: Berwick-upon-Tweed). Tha e suidhichte mu 2.5 mìle (4 km) deas air crìochan na h-Alba. Canar cuid "Bearaig-a-Deas" ris, a chionn 's gu bheil Bearaig a Tuath ann an Lodainn an Ear.
Ann an 2001 bha 11,665 duine a' fuireach an seo agus 13265 ann an 2011.[1]
'S e fear de na bailtean traidiseanta na h-Alba, bha e ann an Siorrachd Bhearaig aig aon àm. Chaill Alba Bearaig ann an 1482 nuair a ghlac feachd na Sasainn an caisteal.[2]
Ainm
deasaichTha Mac an Tàilleir a' toirt nan cruth Bearaig agus Abaraig à Dwelly,[3] ach tha "Abaraig" mì-choltach a-rèir Ainmean-Àite na h-Alba.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Brinkhoff, Thomas: “North East England (United Kingdom) - Counties and Unitary Districts and Settlements - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “History of Berwick-upon-Tweed Castle, Main Guard and Ramparts”. English Heritage. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean-Àite”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Berwick-upon-Tweed/Bearaig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.