Cnoc a' Bharra
(Air ath-sheòladh o Barrhead)
Cnoc a' Bharra | |
Cnoc a' Bharra | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Siorrachd Rinn Friù an Ear |
Siorrachd | Siorrachd Rinn Friù |
Parraist | Baile Nèill |
Co-chomharran | 55° 47′ 48″ T 4° 23′ 11″ I |
Comharradh-clèithe | NS504585 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 17,890 (2020[1]) |
'S e baile anns an t-Siorrachd Rinn Friù an Ear a tha ann an Cnoc a' Bharra[2] (Beurla: Barrhead). Tha e mu 8 mìltean air àirde an iar-dheas Ghlaschu.
Gnìomhachas
deasaichChaidh Cnoc a' Bharra na bhorgh phoileas ann an 1894 agus bha tuineachaidhean air an Abhainn Levern agus an Abhainn Kirkton ann. Dh'fhàs iad còmhla ris na muilleannan, ceàrdaichean clò-bhualaidh, ceàrdaichean dhathan is blàir-ghealachaidh.[3]
Stèidhich John Shanks na ceàrdaichean Tubal ann an 1866 a rinn taighean-beaga agus plumaireachd. Chaidh Shanks Ltd an aon ri Armitage ann an 1969. Dhùin na ceàrdaichean ann an 1992.[4]
Spòrs
deasaichChluich Arthurlie F.C., club ball-coise Cnoc a' Bharra, ann an Lìg na h-Alba eadar 1901 agus 1929.[5]
Daoine ainmeil
deasaich- Helen MacFarlane, eadar-theangaiche a' Mhanifesto Comannach agus feallsanaiche
- James Maxton, neach-poileataigs
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “Barrhead, Victoria Road, Armitage Shanks Tubal Works”. Canmore. Air a thogail 25mh dhen t-Samhain 2017.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Oifis-chlàraidh na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Barrhead/Cnoc a' Bharra”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Barrhead Heritage Trail - Burgh of Barrhead”. Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear. Air a thogail 24mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Barrhead Heritage Trail - John Shanks”. Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear. Air a thogail 25mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Barrhead Heritage Trail - Arthurlie F.C.”. Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear. Air a thogail 24mh dhen t-Samhain 2017.