Armero
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Tolima
Àirde 325m
Co-chomharran 04° 58' 00' Tuath
74° 54' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 440.5 km²
Àireamh-shluaigh 32,774 (2005)
Dlùths 74.4/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th’ann an Armero neo Armero Guayabal. Tha e suidhichte aig 325m os cionn ìre na mara 99km air falbh bho Bhogotá agus 95km bho Ibagué, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le cìomaid gu math teth a th’ ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 27.2˚ aige, rè na bliadhna.[2] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1895.

Eachdraidh deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1895 mar San Lorenzo ach chuireadh ainm ghaisgeach nàiseanta - José León Armero - air ann an 1930.[3] Bha am baile gu math beairteach fad iomadh bliadhna air sàilleabh cho soirbheachail 's a bha gnothach cotan an seo.[4] Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh a' beinn-teine Nevado del Ruiz ann an 1985, a rinn sgrios air a' bhaile: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh.[5] Fhuair an ceann-suidhe, Belisario Betancur Cuartas, fìor dhubh chàineadh anns na meadhanan. Chaidh baile ùr a thogail ach tha an sgìre fhathast gu math ìosal agus gu math bochd.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 32,774 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 5,945 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Armero. Tha 0.1% dhuibh aig a bheil freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.4% nan daoine ann an Armero leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 25.9% nan dachannan.[8]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Armero. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Clachain deasaich

  • Méndez
  • San Felipe
  • San Pedro

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Armero

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Climate Data
  3. Ghost Town
  4. El Espectador
  5. Alejandro Reyes Posada, Guerreros y Campesinos, El Despojo de la Tierra en Colombia, Editorial Norma, 2009.
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Colombia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia