Archibald Geikie
B' e creag-eòlaiche Albannach a bha ann an Sir Archibald Geikie.
A bheatha
deasaichRugadh e san 28mh den Dùbhlachd 1835 ann an Dùn Èideann mar mhac a bu shine de James Stuart Geikie. Fhuair Geikie a chuid foghlaim ann an Oilthigh Dhùn Èideann. An uair sin thòisich e a bhith ag obair airson na Suirbhidh Geòlasaich fo stiùireadh Roderick Murchison. An dèidh greis dh'fhàs iad càirdeas ri chèile. Rinn an dithis rannsachadh air siosta air a' Ghàidhealtachd agus chruthaich iad mapa beag geòlasach na h-Alba a chaidh fhoillseachadh ann an 1862. Ann an 1875, an dèidh bàs Mhurchison, sgrìobh Geikie leabhar eachdraidh beatha Roderick Murchison[1]. Ann an 1892 dh’fhoillsich e mapa na h-Alba na bu mhotha agus ann an 1897 agus mapa geòlasach na Cuimrigh is Sasainn cuideachd. Chaidh an aiste chudromach aig Geikie"On the Phenomena of the Glacial Drift of Scotland" fhoillseachadh ann an 1883 far an thug e seachad dealbh mionaideach mu èifeachdan sònraichte na deighe an seo.
Bho thoiseach na h-obrach aige, nuair a rinn e rannsachadh air an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar dh'fhàs ùidh aige ann an clach-eòlas nam beanntan–teine. Rinn e tursan thall thairis cuideachd, mar eisimpleir do Wyoming, Montana agus Utah far an d' fhuair e barrachd a-mach mun chuspair seo. Sgrìobh e sìos na toraidhean mun rannsachadh a bharrachd a rinn e anns an aiste aige"The History of Volcanic Action during the Tertiary Period in the British Isles" (1888) agus anns an leabhar "The Ancient Volcanoes of Great Britain" (1897). A bharrachd air sin rinn e rannsachadh air deigh-dhrioftaidh agus bleith-thalmhainn.
Eadar 1871 agus 1882 bha e na ollamh airson clach-eòlas ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus bho 1882 a-mach bha e na stiùiriche den Museum of Practical Geology ann an Lunnainn agus na àrd-stiùiriche de Shuirbhidh Gheòlasaich na Rìoghachd Aonaichte gus an do leig e a dhreuchd deth anns a' Ghearran 1901.
Foillseachaidhean
deasaich- The Story of a Boulder: Or Gleanings from a Note-book of a Field Geologist (1858)
- Physical Geography (1877)
- Textbook of Geology - 1ad deas. (1882) - 2na deas. (1885) - 3mh deas. (1893)
- Geological Sketches at Home and Abroad (1882)
- An Elementary Geography of the British Isles (1888)
- Types of Scenery and Their Influence on Literature (1898)
- The Founders of Geology - 1ad deas. (1897) - 2na deas. (1905)
- Elementary Lessons in Physical Geography (1903)
- Scottish Reminiscences (1904)
- Landscape in History and Other Essays (1905)
- Annals of the Royal Society Club (1917)
Iomraidhean
deasaich- ↑ Geikie, Archibald (1875): “Life of Sir Roderick I. Murchison” (Beurla). J. Murray, Lunnainn. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2017.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Haslemere Educational Museum (Beurla)