’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Aonach Meadhoin. Tha e 1,001m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile mar phàirt de Dhruim nam Bràithrean.

Aonach Meadhoin

Aonach Meadhoin bho Sgùrr a' Bhealaich Dheirg
Àirde (m) 1,001
Àirde (tr) 3,284
Àirde rinneach (m) 174
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Aonach Meadhoin is located in Alba
Aonach Meadhoin
Aonach Meadhoin (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Sreath bheanntan Druim nam Bràithrean
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH048137

'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap Aonach Meadhoin, a bhith ga cheangal leis an dà bheinn eile, Sgùrr a' Bhealaich Dheirg agus Sàileag a tha san taobh an iar dheth. Mar as trice bithear a' tòiseachadh bho Chluanaidh agus a' dèanamh air Bealach na Lapain[1]. Mus ruigear Aonach Meadhoin, ruigear Sgùrr Fhuarail a tha 918m de dh'àirde ach nach eil na Beinn Rothaich. Ma nìthear e mar seo gheibhear sealladh iongantach air na Còig Peathraichean agus an Eilean Sgitheanach.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Iomraidhean

deasaich
  1. Druim nam Bràithrean air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: