Druim nam Bràithrean
'S e aonach beinne ann an Cinn Tàile a th' ann an Druim nam Bràithrean, Beurla: Brothers Ridge. Cha robh an t-ainm sin anns a' Ghàidhlig bho thùs, ach leis gu bheil na Còig Peathraichean san iar den druim seo, thàinig an t-ainm seo gu bith. Thathar a' bruidhinn mu na trì bràithrean, a' ciallachadh na trì Beanntan Rothaich air an druim: Aonach Meadhoin, Sgùrr a' Bhealaich Dheirg agus Sàileag. Tha mullach eile air an druim, Sgùrr an Fhuarail, dhan àird an ear bho Aonach Meadhoin.
Tha an druim a' sìneadh bho thaobh an ear gu taobh an iar air eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich, taobh tuath Ghleann Seile agus an rathad A87. Tha e a' ceangal ris na Còig Peathraichean san àird an Iar.
Coiseachd
deasaichMar as trice thèid an t-aonach air fad a streap, a' tòiseachadh bhon thaigh-òsta Chluainidh. Cumar ris an druim bho Sgùrr Fhuarail chun a' Bhealaich Dheirg, agus bithear a' cromadh dhan raon-chàraichean aig Coimisean na Coilltearachd ann an Gleann Seile. Bidh streapadairean èasgaidh a' cumail a' dol air na Còig Peathraichean, ach 's e latha mòr a th' anns an druim seo leis fhèin.
Sealbh
deasaich'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha Druim nam Bràithrean, mar phàirt de oighreachd Chinn Tàile, An Eas Glomaich agus Afraig an Iar.[1]