Anna, Bànrigh Shasainn, Alba is Èireann
(Air ath-sheòladh o Anna, Ban-rìgh Shasainn, Alba is Èireann)
B' e Bànrigh Shasainn is Alba aig àm Aonadh nam Pàrlamaid a bha ann an Anna.
Rugadh i ann an 1665, agus b' i an nighean a b' òige bhon a' chiad pòsadh aig Seumas VII Alba is II Shasainn.
Ann an 1702 chaidh i Bànrigh Shasainn, Alba is Èireann às dèidh bàs a bràthar-cèile, Uilleam III Shasainn is II Alba. Ann an 1707 chaidh i na Bànrigh Rìoghachd Bhreatainn agus Ban-righ Èireann, gu bàs an 1714.[1]
'S i am monarc mu dheireadh de thaigh rìoghail nan Stiùbhartach a bha a' riaghladh am Breatainn. Ge Stiùbhartach i, cha do chòrd i ri na Seumasaich, oir shaoil iadsan gun robh Seumas mac Sheumais VII is II na oighre dligheach. Agus rud eile, cha robh sliochd aig Anne.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Aonadh nam Pàrlamaid - Aonadh nan Crùn gu Aonadh nam Pàrlamaid - Scotland's History”. e-Storas. Air a thogail 7mh dhen Ghiblean 2018.
Rìghrean Breatainn Mhòr agus an Rìoghachd Aonaichte
Stiùbhairt | Anna (1707–1714) |
Hanòbhar | Seòras I (1714–1727) • Seòras II (1727–1760) • Seòras III (1760–1820) • Seòras IV (1820–1830) • Uilleam (1830–1837) • Bhictoria (1837–1901) |
Windsor | Eideard VII (1901–1910) • Seòras V (1910–1936) • Eideard VIII (1936) • Seòras VI (1936–1952) • Ealasaid (1952–2022) • Teàrlach III (2022–) |