Eideard VIII
Bha Eideard VIII (Edward Albert Christian George Andrew Patrick David; 23 an t-Ògmhios 1894–28 an Cèitean 1972) na rìgh anns an Rìoghachd Aonaichte bho 20 am Faoilleach gus an do leig e sin dheth air 11 an Dùbhlachd 1936 gur urrainn dha Wallis Simpson, a bha air a ciad pòsaidh a dhealachadh, a pòsadh.
Bha e na mhac Seòras V agus Màiri, Ban-diùc Eabhraig. Chaidh e na Dhiùc Windsor nuair a leig e an rìgh-chathair suas, is dh'imrich na Windsors don Fhraing. Choinnich e agus a bhean Adolf Hitler ann an 1937 is bha e Riaghladair nan Eilean Bhathama rè an Dàrna Cogaidh. Thill iad don Fhraing is chaochail e le aillse na guthlaige ann an 1972.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “BBC - History - Edward VIII”. BBC. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2018.
Rìghrean Breatainn Mhòr agus an Rìoghachd Aonaichte
Stiùbhairt | Anna (1707–1714) |
Hanòbhar | Seòras I (1714–1727) • Seòras II (1727–1760) • Seòras III (1760–1820) • Seòras IV (1820–1830) • Uilleam (1830–1837) • Bhictoria (1837–1901) |
Windsor | Eideard VII (1901–1910) • Seòras V (1910–1936) • Eideard VIII (1936) • Seòras VI (1936–1952) • Ealasaid (1952–2022) • Teàrlach III (2022–) |