B' e bànrigh Shasainn is Alba, còmhla ris a fear Uilleam a bha ann am Màiri II.

Màiri II Shasainn is Alba
bànrigh na còir fhèin


monarc na h-Alba

13 dhen Ghearran 1689 - 28 dhen Dùbhlachd 1694
Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn - Uilleam III Shasainn is II Alba
monarc Shasainn

13 dhen Ghearran 1689 - 28 dhen Dùbhlachd 1694
Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn - Uilleam III Shasainn is II Alba
monarc na h-Èireann

13 dhen Ghearran 1689 - 28 dhen Dùbhlachd 1694
Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn - Uilleam III Shasainn is II Alba
Beatha
Breith Lùchairt Naomh Seumas, 30 dhen Ghiblean 1662 (Julian)
Dùthaich  Rìoghachd Shasainn
Ciad chànan Beurla
Bàs Lùchairt Kensington, 28 dhen Dùbhlachd 1694 (Julian)
Àite-adhlacaidh Abaid Westminster
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Breac)
Teaghlach
Athair Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn
Màthair Anne, Duchess of York
Cèile Uilleam III Shasainn is II Alba  (4 dhen t-Samhain 1677 -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Foghlam
Cànain Beurla
Fraingis
Dreuchd
Dreuchd uas-fhlath, neach-poileataigs, bànrigh na còir fhèin agus monarc
Creideamh
Creideamh Pròstanachas

Rugadh i 30mh an Giblean 1662, nighean a bu shine le Seumas VII is II bhon a' chiad pòsadh aige do dh'Anne Hyde. Phòs i Uilleam is chaidh i na Bànrigh Shasainn is Èireann 13 an Gearran 1689 is na Bànrigh Alba: 11mh an Giblean 1689. Bha i na co-mhonarc an co-bhonn ri a duine. Chaidh crùn nan trì dùthchannan a thoirt air falbh bho Sheumas agus a bhuileachadh orrasan le chèile mar thoradh air an Ar-a-mach Glòrmhor, 1688

Ged a leig i an stiùir le Uilleam, chuir Màiri rian air na trì rìoghachdan fhad 's a bhiodh Uilleam thall thairis ri cogaidhean (rud a bhitheadh, gu tric).

Chaochail i gun sliochd 28 an Dùbhlachd 1694 (bha a' bhreac air greimicheadh oirre). Riaghlaich Uilleam leis fhèin às a dèidh, gus an do chaochail esan sa Mhairt 1702. Nuair a chaochail Uilleam, shealbhaich Anna, piuthar a b' òige Màiri, an crùn.