Andes (baile)
Andes
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Àirde | 1360m | ||||
Teòthachd chuibheasach | 21.2° | ||||
Co-chomharran | 05º 39' 18" Tuath 75º 52' 45" Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 444 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 41,591 (2002) | ||||
Dlùths | 93.67/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile |
'S e baile dùthchasail ann an ceann a deas Antioquia, ann an Colombia a th' ann Andes, neo San Juan de los Andes. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na roinne aig 1,360m os cionn ìre na mara, 117km air falbh bho Mhedellín. Tha an sgìre aige an sàs ann an gnìomhachas a' chofaidh. 'S e baile le gnàth-shìde gu math blàth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 21.2° aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1852.[1]
Freumhan an Ainm
deasaichChuir Pedro Restrepo Escobar an t-ainm San Juan de los Andes air a' bhaile ùr ann an 1852 oir 's e baile àrd anns na h-Andes a th'ann agus o chionns gu bheil e suidhichte ri taobh na h-aibhne San Juan, aig bun a' cnuic San Juan. [2] Le sin, tha an t-ainm a' ciallachadh Naomh Iain na h-Andes, bhon fhacal Spàinntis San/Santo (naomh)[3] agus an t-ainm pearsanta Juan (Iain).[4]
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 41,591 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 22,451 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th’ann an Andes fhathast.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Andes, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 1.6% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 83.9% dhe na daoine ann an Andes leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 34.4% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Andes. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
- Fèis dà-bhliadhnail nan Katìo: 25mh an Dàmhair gu 7mh an t-Samhain.
- Fèille Moire an Òrain (Spàinntis: La Virgen del Carmen): 16mh gu 24mh an Lùnasdal.
- Fèille Moire na Tròcair (Spàinntis: Nuestra Señora de las Mercedes): 16mh gu 24mh an t-Sultain.
- Seachdain na h-Òigridh: 22mh gu 27mh an t-Iuchar.
- Fèis a' Chofaidh, gun cheann-latha.
- Fèille Bhliadhnail a' bhaile, 11mg gu 17mh an Cèitean.
Daoine Ainmeil
deasaichGonzalo Arango (1931 - 1976): Fear-aithris agus ùghdair. Stèidhiche a an Nadaismo.