An Nobhail Ghàidhlig
An Nobhail Ghàidhlig
deasaichGus an fhicheadamh linn, cha do sgrìobh neach sam bith nobhail anns a’ Ghàidhlig, ged a chuir àireamh luchd-foillseachaidh leabhraichean ruisg agus bàrdachd a-mach anns na linntean 19 agus 20. [1] B’e a chiad nobhail iomlan – anns an seagh “nuadhasach” den fhacal – Dùn Aluinn, no an t-Oighre ‘na Dhìobarach le Iain MacCormaic (1912). Roimh sin, ann an 1908, dh’ fhoillsich MacCormaic nobhail ghoirid Gu’n d’ thug i spéis do’n Armunn, agus eadar 1909 agus 1910 dh’ fhoillsich an iris An Sgeulaiche pàirt de sgeul goirid le Aonghas MacDhonnchaidh leis an tiotal An t-Ogha Mór. Mar sin, tèid againn air ràdh gun do rugadh an nobhail Gàidhlig le sgrìobhaidhean MacCormaic agus MacDhonnchaidh, ged nach robh ealain na nobhail ann an cànan nan Gàidheal ach na “leanabas” aig an àm sin. Bhitheadh e fada fhathast gus an nochdadh nobhail “inbheach”. Ann an 1923 thàinig a-mach an nobhail mhaoth-inntinneach Cailin Sgiathanach le Seumas MacLeòid, ach cha do thog ealain an nobhail a ceann ann an da-rìribh a-measg nan Gàidheal gu 1971, nuair a nochd A’ Leth Eile le Cailein MacCoinnich. On àm sin lean sreath de nobhailean: Gainmheach on Fhàsaich le Màiri NicGillEathain (1971); Raonaid (1981) le Cairistiona Dick; Có ghoid am bogha-froise? le Fearghas MacFhionnlaigh (1978); agus Deireadh an Fhoghair le Tormad Caimbeul (1979). Cha do sgrìobh Iain Mac a’ Ghobhainn nobhail fhada sam bith, ach dh’ fhàg e làrach le a nobhailean goirid Iain am measg nan reultan (1970), agus An t-Aonaran (1976). Dh’ fhoillsich GAIRM a sgeul Murchadh ann am meidhisean, ann an 1979, agus leis na sgrìobhaidhean sin, stèidhich Mac a’ Ghobhainn puist-seòlaidh air son na nobhail Ghàidhlig. Ach cha b’e ach an dèidh na bliadhna 2000 a thàinig an nobhail Ghàidhlig gu ìre le sgeòil a thoill coimeas leis an litreachas as fheàrr anns a’ Bheurla agus ann an cànanan eile. Stèidhich an Roinn Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu Comhairle nan Leabhraichean air son taic a chur ri foillseachadh na Gàidhlig. Le comhair na Comhairle, thòisich CLÀR a dh’ fhoillseachadh sreatha de leabhraichean (nobhailean, nobhaileagan agus eile) fon ainm Ùr Sgeul. Mar eisimpleir, ann an 2004 thàinig a-mach Là a’ Dèanamh Sgèil do Là le Aonghas Pàdraig Caimbeul; ann an 2005, Gymnippers Diciadain le Màrtainn Mac an t-Saoir; lean Shrapnel le Tormod Caimbeul (2006); Dìleas Donn le Norma NicLeòid (2006); agus An Taigh-Samhraidh le Aonghas Pàdraig Caimbeul (2007). Ach bhris Aonghas Pàdraig Caimbeul grunnd ùr le a nobhail bharraichte An Oidhche Mus do Sheòl Sinn (2003). Chaidh an nobhail seo ainmeachadh anns a’ chiad deich ann an clàr aig an iris The List air son na ceud leabhraichean a b’ fheàrr a chaidh a-riamh a sgrìobhadh ann an Alba.
Iomradh
deasaich- ↑ Ruaraidh MacThòmais The Companion to Gaelic Scotland, t.d. 218, novel, the Gaelic
- Màthraichean-adhbhar: Ruaraidh MacThòmais The Companion to Gaelic Scotland, t.d. 218, novel, the Gaelic;
- catalog eadar-lìon Comhairle nan Leabhraichean Gàidhlig