An Dìollaid
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns An Dìollaid. Tha e 1,010m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile. Tha e dhan àrd an iar de dhruim deas Gleann Seile. Tha dà mhullach air agus mar sin tha e coltas dìollaid air.[1]
An Dìollaid | |
---|---|
An Dìollaid (taobh dheas) agus Faochag (taobh chlì0 | |
Àirde (m) | 1,010 |
Àirde (tr) | 3,313 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NG93491306 |
Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 a' leantainn a' cheum suas Meallan Odhar. Bho sin bithear a' streap an droma suas Sgùrr nam Forcan. Bidh an druim seo a' fàs gu math caol agus cas. 'S e Druim nam Forcan a th' air agus tha e ainmeil le luchd-streap. Dh'fhaodadh dol rathad eile le bhith a' cumail ri taobh Coire Mhàlagain. Ruigear an uair sin mullachna Dìollaide. Bidh cuid ga cheangal le Sgùrr na Sgìne agus Faochag ged nach e Beinn Rothaich a th' ann [2].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter: 1991 Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust, d. 168.
- ↑ An Dìollaid air Walkhighlands