Faochag (beinn)
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Faochag. Tha e 909m de dh’àirde. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile. Tha e dhan àrd an iar de dhruim deas Gleann Seile. Nuair a chìthear i bhon taobh an ear, tha coltas faochaig oirre.
Faochag (beinn) | |
---|---|
Faochag (sa mheadhan) bho Sgùrr nan Spàinnteach | |
Àirde (m) | 909 |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NG953123 |
Ruigear am mullach bhon rathad A87 faisg air Drochaid Mhàlagain. Bidh cuid ga cheangal ri Sgùrr na Sgìne agus fiù 's leis An Dìollaid[1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.