Tha an Clais Mòr [1] no an Clais Mór[2] (Beurla: Clashmore) na bhaile croitearachd ann an Asaint, Cataibh. Tha e suidhichte air Rubha Stoer tuath air Baile a' Chladaich. Tha e mu 10 cilemeatair san àirde an iar-thuath Loch an Inbhir. Tha Druim na Claise san iar a' bhaile agus tha Loch na Claise faisg air anns an deas. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 13′ 27″ Tuath agus 5° 20′ 54″ Iar.

An Clais Mòr
An Clais Mòr ann an 1977

Chaidh an Clais Mòr a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. Anns na 1870an bha mu 18 teaghlaichean a' fuireach anns a' bhaile chroitearachd seo. Aon latha bha an Duke of Sutherland ag iarraidh tuathanas ùr a chruthachadh anns an dearbh àite gus dòighean na b’ fheàrr a shealltainn do na daoine a bhith ag obair an talmhainn. Mar sin bha na teaghlaichean air an gluasad bhon talamh aca, chaidh trainnsean a bhùrachadh airson lighe a leigeil den uisge, agus thogadh feansaichean. Cha robh an tuathanas ùr soirbheachail, ach an uair sin thugadh seachad an tuathanas air mhàl do chuideigin eile agus cha d'fhuair muinntir an àite an talamh aca air ais. [3] Ann an 1992 cheannaich croitearan a' Chlais Mhòir am fearann aca, agus chaidh Oighreachd Asaint a Tuath a stèidheachadh.

Iomraidhean deasaich

  1. Faclair SMO
  2. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 30, Pàrlamaid na h-Alba (a' tarraing air 12na an Lùnasdal 2011)
  3. MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 37 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214

Ceanglaichean a-mach deasaich