Alison Lang
'S e sgrìobhadair Gàidhlig a th' ann an Alison Lang.
Alison Lang | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Dùn Èideann, |
Dùthaich | Alba |
Àite-fuirich | Dùn Èideann |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Cailleannach Glaschu sgrìobhadh ficsein |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | deasaiche agus sgrìobhadair |
Foillseachaidhean
deasaichCainnt na Caileige Caillte (2009)
deasaich- cruinneachadh de sgeulachdan goirid
- air a' gheàrr-liosta airson Ciad Leabhar na Bliadhna le Comann Crann na h-Alba ann an 2009.[1]
San Dùthaich Ùir (2011)
deasaich- 2011. San dùthaich ùir. Sandstone Press 978-1-905207-75-6
- Geàrr-iomradh: Theich pàrantan Anna às an t-seann dùthaich. San dùthaich ùir tha iad bochd, a màthair a’ dèanamh obair shuarach, a h-athair gun obair agus Marguerite, piuthar a' mhàthar, a b’ àbhaist a bhith na seinneadair opera, a-nis a’ lorg dhòighean eile a bhith a’ tighinn beò. Tha iomadh ceist aig Anna, ach tha iomadh rud nach inns a pàrantan dhi
Cho Snog 's a Tha Thu (2015)
deasaich- 2015. Cho snog 's a tha thu. Sandstone Press 978-1-910124-78-9
- Geàrr-iomradh: Eil fhios agad cò tha a’ bruidhinn riut air an eadar-lìon? Eil e gu diofar cho fad ’s a tha iad snog? Bidh Naomi a’ cur cus earbsa ann an daoine, agus anns an app a chruthaich i, Snog, a tha a’ brosnachadh modh is coibhneas air-loidhne. Tha tòrr aice ri ionnsachadh
- Nobhail anns an sreath 'Lasag' airson òigridh. Tha gearr-iomraidhean Beurla agus faclairean ann do luchd-ionnsachaidh.
- Air a' gheàrr-liosta airson Duais Dhòmhnaill Meek 2015.
An Aisling (2016)
deasaichSgrìobhaidhean cuideachd ann an
- The Scotsman
- Gath
- The Sandstone Review
- An Claigeann aig Damien Hirst 2
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Fios mu Lang aig Sandstone Press