Aiud
Aiud Nagyenyed
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Alba | ||||
Co-chomharran | 46° 18 44' Tuath 23° 43 45' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 142.2 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 22,876 (2011) | ||||
Dlùths | 160.87/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 58 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile eadar Cluj-Napoca agus Alba Iulia, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Aiud (IPA: ˈaˈjud, Ungairis: Nagyenyed, IPA: ˈnɒɟɛɲɛd, Gearmailtis: Straßburg am Mieresch). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Mureș, aig 258m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Alba. Tha 22,876 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
deasaich'S ann à ainm an Naoimh Aegidius ann an Laideann agus an t-iar-leasachan -ad ann an Ungairis s' a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Dacia agus thathar dhen bheachd gu robh an tuineachadh Ròmanach Brucla faisg air a' bhaile. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1293. Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[3] Ghabh muinntir a' bhaile ris an Ath-Leasachadh anns an 16mh Linn agus bha Aiud aig teis-mheadhain Calbhanachas san dùthaich fad linntean. Rinn reubaltaich à Romàinia murt air mu 1,000 daoine an seo ann an 1849.
Daoine ainmeil
deasaich- Flóra Sass (1841 - 1916)
Bailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.