Waalwijk
Waalwijk
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Noord-Brabant | ||||
Co-chomharran | 51° 41 09' Tuath 05° 04 20' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 67.65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 46,495 (2017) | ||||
Dlùths | 687.29/km² | ||||
Àireamh fòn | +31 (0) 416 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhanach, port-aibhne agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) ann an ceann a deas nan Tìrean Ìsle a th’ ann am Waalwijk (IPA: ʋaːlʋɛi̯k, Brabants: Wólluk). 'S ann às an Duitsis Wal (cladach) agus wic (sgìre) a tha an t-ainm. Chaidh Waalwik a chlàradh airson a' chiad turais san 13mh Linn agus fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: stadsrechten) ann an 1303. B' e gnìomhachas bhrogan a bha gu math làidir an seo o chionn fhada. Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Bergse Maas, a shruthas dhan Hollands Diep, eadar Oosterhout agus 's-Hertogenbosch, aig dìreach 2m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Noord-Brabant. Tha 46,495 duine a' fuireach ann.[2] Tha Pàirc Nàiseanta Loonse air an àirde an ear-dheas Waalwijk.[3]