Volodymyr Veksler
B' e fiosaigiche agus fiosaigiche niùclasach Ucràineach/Sobhiatach a bh' ann am Volodymyr Iosifovich Veksler (Ucràinis: Володимир Йосипович Векслер, Ruisis: Влади́мир Ио́сифович Ве́кслер, Zhytomyr 4 am Màrt 1907 - Mosgo 22 an t-Sultain 1966). B' ann do theaghlach Iùdhach a bhuinneadh e. Ged a rugadh e san Ucràin, b' ann ann am Mosgo 's a thogadh e. Thug e ceum ann am fiosaigs às an oilthigh Institiud innleadaireachd cumhachd (Ruisis: Московский энергетический институт) am Mosgo ann an 1931 agus chuir e seachad bliadhnaichean a' dèanamh rannsachadh aig an Institiud Fiosaigs Ledbedev (Ruisis: Физи́ческий институ́т имени П.Н.Ле́бедева). Ann an 1945, gu neo-eisimeileach bho Edwin Mattison McMillan, chruthaich Veksler an synchrotron. Tha e deatamach gun tèid fòcas na h-ìre a leasachadh, far a bheilear a' toirt aire do mheudachadh mòr dàimheil nam mìrean luathaichte. Bhuannaich e an Duais Stalin ann an 1951, an Duais Lenin ann an 1959 agus an Duais Ataman airson na Sìthe ann an 1963. Tha sràidean ann an Dubna, Odesa agus Zhymomyr air an ainmeachadh Veksler, mar urram airsan.[1]