'S e a' phàirt as lugha dhen stuth aig a bheil feartan na h-eileamaid cheimigeach a tha anns an atam.

Modail Rutherford an ataim.

Tha an t-ainm a' dol às a' Ghreugais ἄτομον a tha a' ciallachadh "neo-roinnteach".

Structar atamach

deasaich

Tha gach atam dèanta suas de mhìrean fo-atamach. Tha trì seòrsaichean ann: proton, niùtron agus eileagtron.

  • Is tomad a' phroton 1 aonad tomad atamach agus tha teairrds dhearbhach (+) air.
  • Is tomad an niùtron 1 aonad tomad atamach agus chan eil teairrds air.
  • Is tomad na h-eileagtron 1/1850 aonad tomad atamach agus tha teairrds àicheil (-) air.

Tha an niùclas atamach de phròtonaibh agus niùtronaibh aig teis-meadhan an ataim, le na h-eileagtronaibh eagaraichte an sligean a tha ga chuairteachadh. An co-mheas le meud an niuclais tha tarsainnead nan sligean fuathasach mòr.