Växjö
Växjö
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Småland | ||||
Sgìre | Kronobergs län | ||||
Co-chomharran | 56° 53’ Tuath 14° 47′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 29.29 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 51,790 (2008) | ||||
Dlùths | 1,768.18/km² | ||||
Àireamh fòn | 0470 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag oifigeil |
'S e baile mòr ann an ceann a deas na Suaine a th' ann am Växjö (IPA: vɛk:ɧø). Fhuair am baile Carta Rìoghail ann an 1342 agus tha e suidhichte anns an sgìre Småland,[1] anns an roinn (Suainis: Län) Kronoberg eadar Loch Trummenn agus Loch Helgasjön. Tha am baile fhèin aig 185m os cionn ìre na mara[2] 195km air falbh bho Ghöteborg agus 332km bho Stockholm prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 51,790 daoine a' fuireach anns a' bhaile.[4]
Freumhan an ainm
deasaichTha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis: Väx (slighe) agus sjö (loch) a tha an t-ainm.[5] Bheireadh sin Loch na Slighe dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda way a th' ann am väx. Tha an t-ainm a' gabhail ri cruth na tìre.
Eachdraidh
deasaichChaidh Oilthigh Linnaeus a stèidheachadh ann an 2010 le campas ann am Växjö agus fear eile ann an Kalmar.[6]
Daoine ainmeil
deasaich- Pär Fabian Lagerkvist: (1891 – 1974) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1951.
Bailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Nationalencyklopedin[dead link]
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Suaine
- ↑ Hallberg, Göran Ortnamn i Småland, AWE/Geber, 1983, ISBN-10: 9120070292
- ↑ Study in Sweden
- ↑ SisterCities
- ↑ Stadt Schwerin