Usaquén
B' e baile agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Bogotá ann an Cundinamarca, Coloimbia,[1] a th’ ann an Usaquén. Tha am baile a' buntainn do Bhogotá a-nis. Tha teodhachd meadhanach dhe 14˚ aige.[2] Chaidh baile a stèidheachadh an seo leis na Spàinntich ann an 1538, ann an àite far an robh clachan Tùsanach roimhe. Chaidh Usaquén a thoirt a-steach do Bhogotá (còmhla ri Bosa, Engativá, Fontibón, Subá, Sumapaz agus Usaquén) nuair a chaidh Sgìre Shònraichte a chur air dòigh ann an 1957 fon deachdaire Gustavo Rojas Pinilla. Bha an Riaghaltas air a bhith a' gabhail ri atharrachadh mòr airson a' phrìomh-bhaile fiù 's bliadhnachan roimhe ann an 1945,[3] ach chan fhaodadh càil a dhèanamh air sàilleabh gu robh cogadh sìobhalta ann.