Ucràinis
(Air ath-sheòladh o Ucranais)
'S e cànan Innd-Eòrpach, Slàbhach a tha ann an Ucràinis[1] (украї́нська мо́ва, ukrayins'ka mova). Tha i na cànan oifigeil anns an Ucràin. Tha i glè choltach ris an Ruisis agus ris a’ Phòlais, cànanan Slàbhach eile. O chionn 's gun robh an dùthaich sna h-impireachdan Pòlach is Ruiseach, bha buaidh làidir oirre bhuapa. Cleachdaidh i an aibidil Cirileach.