Tobar na Màthar
(Air ath-sheòladh o Tobar na Mathar)
Tobar na Màthar | |
Tobar na Màthar | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 47′ 2″ T 3° 59′ 7″ I |
Comharradh-clèithe | NS755563 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 31,906 (2011[1]) |
Tha Tobar na Màthar[2] (Beurla: Motherwell) na bhaile ann an Siorrachd Lannraig. Tha e faisg air Hamaltan. Tha club ball-coise aca, an Club Ball-coise Tobar na Màthar.
Eachdraidh
deasaichB' àbhaist dha a bhith na "baile stàilinn" aig aon àm. Thàinig rèile anns na 1820an is na 1830an is nochd obraichean-iarainn fad a' bhaile.[3] Thàinig mòran duine à Èirinn airson obrach ann an Tobar an Màthar.
B' e a' chiad Ball Pàrlamaid Comannach anns an Rìoghachd Aonaichte a bha ann an J. T. Walton Newbold, a bhuannaich Tobar na Màthar anns an taghadh coitcheann ann an 1922.[4] Dhùin Ravenscraig sna 1990an.
Daoine ainmeil
deasaich- Tom Devine, eachdraiche
- Colin Fox (1959), neach-poileataigs
- Hamish Imlach, (1940-1996), seinneadair
- Ian St. John, cluicheadair ball-coise
- Deborah Orr (1962–2019), neach-aithris
A' Ghàidhlig
deasaichChaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Tobar na Màthar anns a’ bhliadhna 1983.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Motherwell/Tobar na Màthar”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 7mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “'Steelopolis': Motherwell and the steel industry”. CultureNL. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ “Interwar Politics 1: ‘Motherwell for Moscow’”. CultureNL. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ “Programme of the 80th National Mòd, 1983”. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 7mh dhen Dùbhlachd 2017.