Lios MoFhèige
Lios MoFhèige | |
Eaglais na paraiste | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 38′ 9″ T 3° 53′ 17″ I |
Comharradh-clèithe | NS812396 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,330 (2011[1]) |
'S e baile suidhichte ann an Siorrachd Lannraig air an Abhainn Neithean faisg air an M74 a tha ann an Lios Mo h-Eagu[2] neo Lios Mo Chuda[3] no Lios MoFhèige[4] (Beurla: Lesmahagow).
Chaidh Priòireachd LiosMoFhèige a stèidhicheadh ann an 1144 an dèidh do Rìgh Dàibhidh I agus an Easpaig Ghlaschu fearann a thoirt gu Abaid Chealsaigh. Chaidh am priòireachd na h-eaglais àbhaisteach ann an 1607 agus thog na h-ùghdarrasan air an làraich ann an 1810 eaglais ùr an dèidh do sheann eaglais a sgriosadh ann an 1803.[5]
Daoine ainmeil
deasaich- Alexander Cairncross, eaconamaiche
- John Cairncross, brathadair
- Jimmy Hood, neach-poileataigs Làbarach
Iomraidhean
deasaich- ↑ Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 5mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean-àite le buidheachas do dh' Iain Mac an Tailleir”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 5mh dhen Dùbhlachd 2017 (pdf).
- ↑ “Lesmahagow/Lios MoFhèige”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 13mh dhen Dàmhair 2023.
- ↑ “Lesmahagow, Church Square, Lesmahagow Parish Church”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen Dàmhair 2023.