St. Louis
Flag of St. Louis, Missouri.svg
Bratach a' bhaile
St. Louis wiki montage.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of the United States.svg Na Stàitean Aonaichte
Ceàrn St. Louis
Sgìre Flag of Missouri.svg Missouri
Co-chomharran 38° 37’ 38 Tuath
90° 11′ 52 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 171.3 km²
Àireamh-shluaigh 365,589 (2009)
Dlùths 2,134.2/km²
Àireamh fòn 320
Duilleag oifigeil http://stlouis-mo.gov/

‘S e baile uabhasach mòr faisg air Kansas City ann an iar-mheadhan Na Stàitean Aonaichte a th’ ann an St. Louis (IPA Beurla: seɪnt ˈluːɪs, Fraingis: sɛ̃ lwi).[1] Chaidh am baile a stèidheachadh leis na Frangaich eadar 1703 agus 1764. Tha e suidhichte aig 142m os cionn ìre na mara aig inbhir na h-Aibhnichean Mississippi agus Missouri, dhe 1,140km air falbh bho Washington, prìomh-bhaile na dùthcha, 1,552km bho Los Angeles agus 418km bho Chicago[2] Tha am baile air an àirde an ear Mhissouri. Tha 365,589 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile. Rugadh 6.3% thall thairis agus ‘s e daoine le freumhan ann an Aimearaga Laideannach a tha 2.9% agus daoine le freumhan ann an Afraga a th' ann 48.2%.[3] ‘S e an 53mh baile as motha na dùthcha a th’ ann St. Louis agus an 4mh sgìre as motha ann an iar-mheadhan co-dhiù.[4]

EachdraidhDeasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh le dithis fhear-mhalairt às an Fhraing, Pierre Laclède agus Réné Auguste Chouteau, eadar 1703 agus 1764.[5] Thug iad ainm an Rìgh Louis XVI dhan àite. ‘S e àite mhalairt a bh' ann aig an toiseach. Reic Napoléon an sgìre dha na Stàitean Aonaichte ann an 1804.[6] Dh’fhàs am baile a bhith gu math làidir taobh ghnìomhachais fad an 19mh linn gu ruige a’ chiad leth dhan 20mh linn.[7] Ràinig daoine bhon An Roinn-Eòrpa, gu seachd àraidh à Èirinn, às An Eadailt agus às A’ Ghearmailt agus le sin b’ e St. Louis an 4mh baile na dùthcha aig an àm. ‘S e daoine le freumhan ann an Afraga a th' ann an coimhearsnachd bheag-chuid as treasa an latha an-diugh. Bha an dàrna leth an 20 linn uabhasach doirbh taobh ghnìomhachais, chaill am baile iomadach daoine agus thuit e gu bhith an 53mh baile na dùthcha,[8] ach tha prìomh oifisean neo taighean-gnìomhachais aig tòrr companaidhean cudromach ann an St. Louis fhathast, mar eisimpleir Playtex, Budweiser, Wells Fargo, Energizer, DaimlerChrysler agus Alamo.[9]

Daoine AinmeilDeasaich

Bailtean Co-cheangailteDeasaich

IomraidheanDeasaich

Ceanglaichean a-machDeasaich