Stòras Uibhist
’S e Stòras Uibhist an companaidh coimhearsnachd a chaidh a chruthachadh airson a’ chuid as motha de dh’fhearann Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla agus Éirisgeigh a cheannach ann an 2006, agus a mhanaidseadh am feasta. Na h-uachdarain-fearainn a bh' ann roimhe, oighreachd seilg, reic iad am maoin agus sealbh gu léir, 372.31 km² de dh’fhearann, ris a’ choimhearsnachd air 30 an t-Samhain 2006 air £4.5M. B’ sin an ceannach a bu mhotha riamh a rinn coimhearsnachd ann an Albainn.