Tha Skype 'na phrògram VoIP (Voice over IP) a chaidh a dhealbhadh le triùir fhear-leasachaidh Eastoineach, Ahti Heinla, Priit Kasesalu agus Jaan Tallinn ann an 2003. Le Skype, 's urrainnear fòn a chur an-asgaidh do dhaoine eile air an lìon ma tha Skype acasan cuideachd neo gu fònaichean àbhaisteach air airgead.

Suaicheantas Skype

Cheannaich Microsoft an companaidh ann an 2011 air US$8.5 billean agus tha iad an dùil a chur an àite Live Messenger.

Ionadaileadh

deasaich

A bharrachd air na cànain oifigeach a gheibhear am broinn a' phrògraim o thùs, tha e ri làimh ann an 24 eile, a' gabhail a-steach cànain mar Gaeilge, Cuimris, Chuvash, Adyghe is Pulaar. Chaidh pacaid cànain neo-oifigeach airson na Gàidhlig a sgaoileadh ann an 2012.

Ceanglaichean a-mach

deasaich