Skåne Län
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Prìomh-bhaile Malmö
Stèidhichte 1997
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 11,034.5 km²
Àireamh-shluaigh 1,251,213 (2011)
Dlùths 113.39/km²
Àireamh fòn + (46) 04
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Skåne Län (Suomais: Skånen lääni). Tha i na laighe air na crìochan mara leis An Danmhairg, ann an ceann a deas na dùthcha, gu deas air Hallands län. 'S e Malmö a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1997. Sìnidh Skåne Län fad 11,034.5km² agus tha 1,251,213 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an deicheamh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an treas tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Tha 33 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Helsingborg, Klippan, Lund agus Malmö nam measg.

Freumhan an ainm deasaich

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à Skáney ann an Lochlannais - a thàinig à Proto-Ghearmailtis Skaþin (milleadh) agus awjō (eilean) - a tha an t-ainm.[2]

Eachdraidh deasaich

Chaidh Skåne Län a chruthachadh ann an 1997 nuair a chuireadh Malmöhus län agus Kristianstads län ri chèile.[3] B' e ainm seann sgìre (Suainis: Landskap) air an robh Skåne - a mhair bho mu 320 gu ruige 1809 - a chuireadh oirre.[4]

Bailtean deasaich

Daoine ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. SCB
  2. Runeberg
  3. Ruineberg
  4. Elgenstierna, Gustaf, red (1925-1936). Den introducerade svenska adelns ättartavlor. Stockholm: Norstedt
  5. IMDB