Skåne län
Skåne Län
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Malmö | ||||
Stèidhichte | 1997 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 11,034.5 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,251,213 (2011) | ||||
Dlùths | 113.39/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 04 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Skåne Län (Suomais: Skånen lääni). Tha i na laighe air na crìochan mara leis An Danmhairg, ann an ceann a deas na dùthcha, gu deas air Hallands län. 'S e Malmö a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1997. Sìnidh Skåne Län fad 11,034.5km² agus tha 1,251,213 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an deicheamh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an treas tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Tha 33 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Helsingborg, Klippan, Lund agus Malmö nam measg.
Freumhan an ainm
deasaichGed nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à Skáney ann an Lochlannais - a thàinig à Proto-Ghearmailtis Skaþin (milleadh) agus awjō (eilean) - a tha an t-ainm.[2]
Eachdraidh
deasaichChaidh Skåne Län a chruthachadh ann an 1997 nuair a chuireadh Malmöhus län agus Kristianstads län ri chèile.[3] B' e ainm seann sgìre (Suainis: Landskap) air an robh Skåne - a mhair bho mu 320 gu ruige 1809 - a chuireadh oirre.[4]