B' e neach-poileataigs agus lighiche à Iosrael a rugadh san Ucràin a bh' ann an Shimshon Unichman (Eabhra: שמשון יוניצ'מן, Ucràinis: Юничман, Шимшон, Lutsk, 13 an Gearran, 1907 - Iosrael, 21 am Màrt 1961).[1] An dèidh na sgoile, thug e ceum ann an eòlas-leighis aig Oilthigh Teàlaich ann am Pràg. Bho 1932 a-mach bha e an sàs ann am Betar (Eabhra: בית"ר), gluasad Sionach na làimhe deise, agus thàinig e gu bhith na cheannard air Betar sa Phòlainn. Dh' fhàg e An Roinn-Eòrpa airson Palastain ann an 1935, far an robh e na cheannard air Betar san sgìre Rosh Pinna. A bharrachd air sin, bha e na bhall Àrd-Chomataidh Hatzohar (Eabhra: הצה"ר), gluasad Sionach raidigeach a bha an aghaidh Sionachais Làbaraich agus iad a' sireadh talamh na Palastaine air fad airson nan Iùdhach a-mhàin. Shiubhal e gu Ioràn ann an 1941 gus gus ceanglaichean a stèidheachadh le riochdairean bhon Aonadh Sòbhieteach.[2] Chaidh Unichman a chur an grèim le ùghdarrasan fo stiùir na Rìoghachd Aonaichte ann an 1944, a chum e ann an campa thall an Eartra. Bho 1946 gu 1948, bha e na chathraiche air Rùnaireachd na Cruinne nan Sionach raidigeach, agus an dèidh stèidheachadh Stàit Iosrael, chaidh e gu pàrtaidh air an robh Herut. Bha e na chathraiche air ceannas cruinne Herut. Bha e na bhall a' Phàrlamaid airson Herut bho 1955 gu ruige 1961, gus a chaochail e gu h-obann ann an caismeachd is esan 54 bliadhna a dh' aois aig an àm.[3]

Shimshon Unichman
Ball den Knesset

15 dhen Lùnastal 1955 - 21 dhen Mhàrt 1961
Beatha
Breith Lutsk, 13 dhen Ghearran 1907
Dùthaich  Iosrael
Bàs Iosrael, 21 dhen Mhàrt 1961
Foghlam
Foghlam Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg
Cànain Eabhra
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus lighiche
Àitichean-obrach Ierusalem
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Freedom (en) Translate

Iomraidhean

deasaich
  1. Knesset
  2. Booksefer[dead link]
  3. Vistual Shtetl