Sgùrr nan Saighead
Co-chomharran: 57°12′21″N 5°21′18″W / 57.205703°N 5.354958°W
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr nan Saighead. Tha e 929m de dh’àirde. ged a tha e cudromach airson cruth na tire a chruthaicheas Còig Peathraichean Chinn Tàile , chan e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile eadar Sgùrr na Mòraich agus Sgùrr Fhuaran.
Sgùrr nan Saighead | |
---|---|
Àirde (m) | 929 |
Àirde (tr) | 3,048 |
Àirde rinneach (m) | 106 |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Sreath bheanntan | Còig Peathraichean Chinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NG975178 |
'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap na còig beanntan ann an streath bho Bhealach na Lapain gu Allt a' Chruinn.[1]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Chnòideirt agus dhan Eilean Sgitheanach.