Sgùrr na Càrnach
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Càrnach. Tha e 1,002m de dh’àirde agus ’s Beinn Rothaich anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile a th' ann [1] Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile. Tha e eadar Sgùrr Fhuaran agus Sgùrr na Ciste Duibhe air an druim.
Sgùrr na Càrnach | |
---|---|
Sgùrr na Càrnach bho Sgùrr na Ciste Duibhe le Loch Dubhthaich sa chùl. | |
Àirde (m) | 1,002 |
Àirde (tr) | 3287 |
Àirde rinneach (m) | 134 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Sreath bheanntan | Còig Peathraichean Chinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NG977158 |
Cha b' e Beinn Rothaich a bh' ann bho thùs, leis gun robhar ga fhaicinn a-mhàin mar dàrna mullach de Sgùrr Fhuaran. Ach chaidh a h-ainmeachadh mar Beinn Rothach ann an 1997.
'S e an dòigh as fheàrr a bhith ga dhìreadh mar phàirt den aonach air fad. Tha corra ceum doirbh ann air cromadh bhon mhullach air pìos goirid creagach cas[2]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.
Iomraidhean
deasaich- The Munros: Donald Bennet et al.: Scottish Mountaineering Trust: ISBN 0-907521-13-4