Sgùrr Mòr (Gleann Cingidh)
’S e beinn ann an Gleann Cingidh air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr Mòr. Tha e 1003m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cuaich agus Loch Airceig.
Sgùrr Mòr (Gleann Cingidh) | |
---|---|
Sgùrr Mòr | |
Àirde (m) | 1,003 |
Àirde (tr) | 3,290 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Loch Cuaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Landranger 40 |
Comharradh-clèithe | NM96539805 |
'S e aon de na beanntan Rothaich as iomallaich a th' ann. 'S e an dòigh as luaithe thuige a toirt bàta thairis air Loch Cuaich agus a shreap bhon tuath. Air neo dh'fhaodadh tòiseachadh aig ceann rathad Loch Airceig. Dh'fhaodadh a cheangal le Sgùrr am Fhuarain, ged nach e Beinn Rothaich a th' ann[1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Cuaich, Loch Airceig, beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.