Sgìre Timrå
Timrå
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Jämtland | ||||
Sgìre | Västernorrlands län | ||||
Co-chomharran | 60° 30 00' Tuath 17° 20 00' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 783.26 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 17,895 (2016) | ||||
Dlùths | 22.85/km² | ||||
Àireamh fòn | + 46 060 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.timra.se/ |
'S e baile (Suainis: tätort) agus sgìre-riaghlaidh (Suainis: kommun) faisg air Härnösand, ann an ceann a tuath na Suaine, a th' ann an Timrå. The suidhichte anns an roinn Västernorrlands län, 293km air falbh bho Uppsala, 804km bho Mhalmö agus 353km bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha.[1] Chaidh Timrå a chlàradh airson a' chiad turais anns an 14mh Linn mar Timmeradh agus tha 17,895 duine a’ fuireach ann.[2]
Freumhan an Ainm
deasaichTha e coltach gur ann à timmer (fiodhrach) agus am facal rå (boglach) air neo bygd (dùthchail) a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Boglach an Fhiodhraich no Talamh an Fhiodhraich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla timber agus Innis Tìlis timbur a th' ann timmer agus 's e co-dhàimh leis a' Bheurla raw a th' ann rå.
Eachdraidh
deasaichChaidh eaglais a thogail an seo san 14mh Linn. Thogadh obair-iarainn faisg air a' bhaile aig Lögdö bruk anns an 17mh Linn - a tha na thaigh-tasgaidh a-nis.[4] Bha Timrå Kommun mar a tha e an latha an-diugh air a' chruthachadh ann an 1971 nuair a thàinig Timrå köping agus Hässjö landskommun ri chèile.[5]
Daoine Ainmeil
deasaich- Anders Ångström: (1814 - 1874). Fear-saidheans.[6]
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Luftlinie
- ↑ Cunntas-sluaigh na Dùthcha
- ↑ Runeberg
- ↑ Lögdö Bruk
- ↑ Andersson, Per (1993). Sveriges kommunindelning 1863–1993. Mjölby: Draking, ISBN 91-87784-05-X
- ↑ NNDB